
’S e stuth-measaidh a tha ann am Measaidhean Nàiseanta 5-14 a chaidh a dhealbh gu bhith air a chleachdadh le tidsearan ann an sgoiltean air feadh Alba airson daingneachadh am barail, stèidhte air obair nan sgoilearan anns a’ chlas, air an adhartas a rinneadh leis na sgoilearan ann an leughadh, sgrìobhadh agus matamataig. Tha na Measaidhean Nàiseanta stèidhte air na builean agus na cuimsean coileanaidh anns na Seòlaidhean Nàiseanta 5-14 iomchaidh.
Faodaidh neach sam bith an co-cheangal air an taobh chlì a chleachdadh airson barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn Measaidhean Nàiseanta 5-14.
Faodaidh sgoiltean an roghainn Luchdachadh-a-nuas stuthan-measaidh a chleachdadh gus na Measaidhean Nàiseanta fhaighinn.
Tha Dachaigh air a h-uile duilleig dhen làrach-lìn. Nuair a thaghas tu e, bheir e air ais thu chun na duilleig seo.
Do bheachd-sa. Bheir seo dhut an cothrom do bheachd fhèin a chur a-steach mu dheidhinn an làrach-lìn agus Measaidhean Nàiseanta 5-14.
Taic. Coimhead an seo ma tha duilgheadasan agad a’ cleachdadh an làrach-lìn.
Chaidh Measaidhean Nàiseanta 5-14 a chur ri chèile le Riaghaltas na h-Alba còmhla ri Ionnsachadh agus Teagasg Alba agus Ùghdarras Theisteanasan Alba mar cho-phàirtichean ann an Measadh airson Ionnsachadh.